dimanche 20 septembre 2015

Ailig Salmond: Mairidh an Dòchas - 100 Latha a dh’atharraich Alba gu Bràth

Mairidh an Dòchas
100 Latha a dh’atharraich Alba gu Bràth
le Ailig Salmond
(Collins Paperback £12.99)

Bhon chòmhdach: 
Tha Ailig Salmond air a bhith gu mòr airson neo-eisimeileachd na h-Alba fad a bheatha. San t-Sultain 2014 thàinig e glè fhaisg air sin a thoirt gu buil.

Ann an leabhar-latha inntinneach, air a sgrìobhadh na dhòigh eirmseach fhèin, tha Salmond gar toirt a-steach gu cridhe na h-iomairt BU CHÒIR, a' sealltainn dè chaidh a ràdh agus a chaidh a dhèanamh air cùlaibh gnothaich fhad 's a bha an iomairt a' ruighinn àird na teasaich.

Tha e a' sealltainn mar a thug iomairt BU CHÒIR ath-bheothachadh do dh'Alba air fad agus mar a rinn e ath-sgrìobhadh air na riaghailtean airson iomairt phoilitigeach am measg an t-sluaigh, chan ann a-mhàin san RA ach air feadh an t-saoghail.

Tha e cuideachd a' coimhead air adhart ris "a' cheist nàiseanta" chudromaich ann am poileataigs ann am Breatann, a' dèanamh gu math soilleir nach b' e deireadh na cùis a bha san reifreann ach am fìor thoiseach. Tha an dòchas airson neo-eisimeileachd na h-Alba cho fallainn 's a bha e a-riamh.
_______________________